Blas Festival 2020

Online Event
All Ages
Get Tickets
Multiple Show Access
Full Blas Festival Access
£ 50 (incl. fees)
Single Show Access
29 Nov - Message In A Bottle By Ingrid Henderson
£ 8 (incl. fees)

Chaidh cuireadh a thoirt do dh'Ingrid NicEanraig le Buidheann Nàdair na h-Alba Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba a chomharrachadh le pìos ciùil ùr a chaidh a thaisbeanadh airson a' chiad uair aig Celtic Connections san Fhaoilleach.

Ingrid Henderson’s commission for Nature Scotland to celebrate the 2020 Year of Coasts and Waters featuring Ingrid alongside Anna Massie, Conal McDonagh and Megan Henderson with film, animations and other images by Somhairle MacDonald.

30 Nov - St Andrew's Concert
£ 8 (incl. fees)

Cèilidh a' tòiseachadh le òrain ùra a chaidh a choimiseanadh airson Blas 2020. Tha na h-òrain uile a' comharrachadh Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba agus chaidh an sgrìobhadh le James Hind, Màiri Anna NicUalraig, Niall O’Gallagher agus Raonaid Walker. Thig an oidhche, agus Blas 2020, gu ceann le còmhlan ainmeil Innse Gall, Beinn Lee.

Performances of new Gaelic songs inspired by Scotland’s Coasts and Waters composed by James Hind, Mary Ann Kennedy, Niall O’Gallagher and Rachel Walker will form the first half of our finale event. Blas 2020’s St Andrew’s Night concert will be brought to a close by the Outer Hebridean band, Beinn Lee.

Sales for this event are closed.

Blas Festival

20 - 30 Samhain / November 2020


Fèis Bhliadhnail a' comharrachadh cultar nan Gàidheal - An annual festival celebrating Gaelic culture.

20 Samhain / November

An Tuireann + Iain MacFarlane and Friends| 20:00 GMT

Bheir a' chiad tachartas den Fhèis òigridh às na Fèisean air feadh na dùthcha còmhla airson taisbeanadh a chaidh a chur ri chèile le Mike Vass. A' leantainn sin, bidh an ceòladair iomraiteach Iain MacPhàrlain a' cluich dhuinn cuide ri Ingrid NicEanraig, Megan NicEanraig agus Eòghainn Robasdan.

Our opening event begins with young people from Fèisean across Scotland in a unique performance created by Mike Vass. Celebrated Highland musician, Iain MacFarlane, will follow that with a performance featuring Ingrid Henderson, Megan Henderson and Ewan Robertson.


Cèilidh air-loidhne: Josie Duncan & Hamish MacLeod | 22:00 GMT

Uair a thìde de dh'òrain aig a' bhana-sheinneadair chliùiteach Josie Duncan cuide ri Hamish MacLeod airson crìoch a chur air an oidhche.

Award-winning Gaelic singer, Josie Duncan accompanied by Hamish MacLeod bring you an hour of music to finish off the evening.


21 Samhain / November

Tac an Teine | 17:00 GMT

Bidh aoigh no dhà os cionn na seinn agus faodaidh sibhse pàirt a ghabhail cuideachd!

A guest or two will lead the singing and you'd be welcome to take part too!


Àite mo Ghaoil: Cèilidh Cairistìona | 20:00 GMT

Oidhche a' comharrachadh co-là-breith Cairistìona Primrose, a' bhana-sheinneadair iomraiteach à Càrlabhagh agus i air aois 70 a ruighinn. Bidh a taghadh fhèin de dh'aoighean cuide rithe, nam measg Maighread Stiùbhart, Murchadh ‘Wasp’ Dòmhnallach, Donnchadh MacIlleBhrath, Annia NicIlleBhrath, Murdigan Dòmhnallach agus Mairi-Alice Dhòmhnallach

An evening celebrating the 70th birthday of Carloway-born singer, Christine Primrose, with her choice of guests including Margaret Stewart, Murdo ‘Wasp’ MacDonald, Duncan MacGillivray, Annia MacGillivray, Murdigan MacDonald and Mairi-Alice MacDonald.


22 Samhain / November

Cuirm sa Chathair Eaglais | 20:00 GMT

Tha e air a bhith na chleachdadh aig Blas cuirmean a chumail sa Chathair Eaglais ann an Inbhir Nis agus tha sinn toilichte an dàimh sin a chumail a' dol le cuirm an-asgaidh bho Chaitlin NicAonghais.

Blas has traditionally presented events in Inverness Cathedral and we are delighted to maintain that link with a free concert featuring Kathleen MacInnes.


23 Samhain / November

Dàimh teaghlaich is ciùil | Family and Musical Ties | 20:00 GMT

Aonghas MacCoinnich (Dàimh & Seudan) agus Eilidh NicCoinnich (Dòchas) a' cluich còmhla ris an teaghlach agus Fin Moore (Seudan) air a' phìob agus Sarah Hoy air an fhidhill cuide riutha.

Angus MacKenzie (Dàimh & Seudan) and Eilidh MacKenzie (Dòchas), perform with their family joined by Fin Moore (Seudan) on pipes and Sarah Hoy on fiddle.


24 Samhain / November

Cladaichean is Uisgeachan | Coasts and Waters | 20:00 GMT

Anns a' chiad earrainn, nì Jo NicDhòmhnaill taghadh agus mìneachadh air cuid de na h-òrain san tasglann Fuaran aig Fèisean nan Gàidheal. San dàrna pàirt, bidh Seumas Greumach agus Kirsteen NicDhòmhnaill beò cuide ri Jo le òrain co-cheangailte ri cladaichean is uisgeachan na h-Alba.

In the first section of this event, Jo MacDonald introduces a selection of songs celebrating Scotland’s 2020 Themed Year, which are part of an archive built up during the year by Fèisean nan Gàidheal. The second part of the evening will be a live performance by James Graham and Kirsteen MacDonald of Gaelic songs associated with shores and waters, introduced by Jo.


25 Samhain / November

Òrain is Bogsa | Songs and Box | 20:00

Albannaich agus Èireannaich a' toirt thugaibh òrain sa Ghàidhlig agus ann an Gaeilge cho math ri ceòl a' bhogsa-phutain.

Scots and Irish musicians bring you a concert of Gàidhlig and Irish songs as well as some great playing on the button box from both sides of Sruth na Maoile.


26 Samhain / November

Clann-nighean a' Sgadain | The Herring Girls | 19:30 GMT

Magaidh Nic a' Ghobhainn le dràma stèidhichte air beatha nan caileagan a bha an sàs ann an obair an sgadain.

A short Gaelic drama performance by Magaidh Smith recalling the hard lives endured by the herring girls.


SEALL Festival of Small Halls from Braes Hall | 20:00 GMT

Tha Blas toilichte co-obrachadh a dhèanamh uair eile airson cuid de chuirmean Fèis nan Tallaichean Beaga aig SEALL a thoirt thugaibh le taghadh farsaing de luchd-ciùil beò à Talla a' Bhràighe san Eilean Sgitheanach.

A SEALL Festival of Small Halls concert featuring Megan Henderson, Ewan Robertson, Rachel Newton and Angus MacKenzie with Bean an Taighe Eilidh Cormack from Braes Hall, Isle of Skye.


27 Samhain / November

Murdo Louis aig Blas | 19:30 GMT

Murdo Louis MacÌomhair le a smuaintean, a bheachdan agus a bhàrdachd shònraichte airson luchd-amhairc Blas a chur ann an deagh shunnd.

Murdo Louis MacIver with his thoughts, views and special poetry to keep the Blas audience in good form.


SEALL Festival of Small Halls at Dunvegan Castle | 20:00

Tha Blas toilichte co-obrachadh a dhèanamh uair eile airson cuid de chuirmean Fèis nan Tallaichean Beaga aig SEALL a thoirt thugaibh le taghadh farsaing de luchd-ciùil beò à Caisteal Dhùn Bheagain.

A SEALL Festival of Small Halls concert featuring Inge Thomson, Hamish Napier, Su-a Lee, Lauren MacColl, Sean Gray and Angus MacKenzie with Bean an Taighe Eilidh Cormack from Dunvegan Castle, Isle of Skye.


Cèilidh air-loidhne: Dawn & Margie Beaton | 22:00

Uair a thìde de cheòl le dithis chluicheadairean aithnichte à Ceap Breatainn airson an t-seachdain-obrach a thoirt gu ceann.

An hour of music from two renowned musicians from Cape Breton to put you in fine form at the end of the working week.


28 Samhain / November

Chunna mi do long air sàile: Maighread Stiùbhart | 16:00 GMT

Tha àite sònraichte aig eathraichean, bàtaichean agus luingean ann am macmeanmna, bàrdachd agus òrain nan Gàidheal. Anns an òraid shònraichte seo aig Blas 2020, stiùiridh Maighread Stiùbhart sinn tro thaisbeanadh de bheartas òran a th' againn ann an Gàidhlig thar nan linntean aig a bheil ceanglaichean ri bàtaichean agus seòladh.

Boats, ships and galleys have long enjoyed a special place in the imagination, poetry and song of the Gael and in this special Blas 2020 lecture, as part of the Year of Coast & Waters, Gaelic singer Margaret Stewart will steer us through Gaeldom’s rich bounty of Gaelic song to explore how boats have been handled by our bàrds through the centuries, whether in praise, symbolism, elegy, eulogy, humour or satire.


Tac an Teine le Seinneadairean Fuaran | 17:00 GMT

Bidh na seinneadairean òga a tha an sàs anns a' phròiseact Fuaran aig Fèisean nan Gàidheal os cionn na seinn agus faodaidh sibhse pàirt a ghabhail cuideachd!

The young Gaelic singers involved in Fèisean nan Gàidheal's Fuaran project will lead the singing and you'd be welcome to take part too!


Eliza | 19:30 GMT

Tha an dràma ùr seo, Eliza, ag innse mu nighean òg à Guidheàna a chaidh a thoirt às an dùthaich aice fhèin le a h-athair, aig an robh planntaichean, airson a dhol a dh’fhuireach air an Eilean Dubh ann an 1816.

The remarkable story of Eliza Junor from Guyana uprooted by her plantation-owning father and brought to the Black Isle near Inverness in the year 1816, told through a new Gaelic drama written by Angus MacLeod, produced by Fèisean nan Gàidheal with songs from Eilidh Mackenzie performed by Ellen MacDonald and Innes White.


Sian and Trail West live from Eden Court | 20:00 GMT

Thug Sian - Ceitlin Lilidh, Eilidh NicCarmaig agus Ellen NicDhòmhnaill cuide ri Innes White - a-mach a' chiad chlàr aca aig toiseach na bliadhna. Ged a chaidh maill a chur orra 10 bliadhnaichean den chòmhlan a chomharrachadh am bliadhna, tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Trail West gu Blas.

Gaelic singers Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack and Ellen MacDonald joined by Innes White make up Sian who released their first album at the start of the year. Having had celebrations marking 10 years of the band curtailed, we are delighted to welcome Trail West in their special anniversary year in a livestream from Eden Court, Inverness.


SEALL Festival of Small Halls Late-night Cèilidh | 22:00 GMT

Gary Innes a' cur fàilte air Su-a Lee, Hamish Napier, Lauren NicCholla, Raonaid Newton, Megan NicEanraig, Eòghann Robasdan, Sean Gray, Aonghas MacCoinnich agus Inge Thomson le cèilidh beò à Taigh-òsta Shligeachain san Eilean Sgitheanach.

Late-night dancing to finish off the SEALL Festival of Small Halls with Su-a Lee, Hamish Napier, Lauren MacColl, Rachel Newton, Megan Henderson, Ewan Robertson, Sean Gray, Angus Mackenzie and Inge Thomson from Sligachan Hotel, Isle of Skye, hosted by Take the Floor presenter and box player, Gary Innes.


29 Samhain / November 

Brath sa Bhuideal | Message in a Bottle by Ingrid Henderson | 20:00 GMT

Chaidh cuireadh a thoirt do dh'Ingrid NicEanraig le Buidheann Nàdair na h-Alba Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba a chomharrachadh le pìos ciùil ùr a chaidh a thaisbeanadh airson a' chiad uair aig Celtic Connections san Fhaoilleach.

Ingrid Henderson’s commission for Nature Scotland to celebrate the 2020 Year of Coasts and Waters featuring Ingrid alongside Anna Massie, Conal McDonagh and Megan Henderson with film, animations and other images by Somhairle MacDonald.


30 Samhain / November

Cuairt na Camanachd: Hugh Dan MacLennan | 16:00 GMT

Òraid mu cheòl agus òrain co-cheangailte ri camanachd le fiosrachadh agus eachdraidh bho Ùisdean MacIllFhinnein agus ceòl bho Gary Innes is Eòghain MacEunraig.

A presentation of music and song connected with the great game of shinty with Hugh Dan MacLennan and music and song from Gary Innes & Ewen Henderson.


Cuirm Naomh Anndrais | St Andrew's Concert | 20:00


Cèilidh a' tòiseachadh le òrain ùra a chaidh a choimiseanadh airson Blas 2020. Tha na h-òrain uile a' comharrachadh Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba agus chaidh an sgrìobhadh le James Hind, Màiri Anna NicUalraig, Niall O’Gallagher agus Raonaid Walker. Thig an oidhche, agus Blas 2020, gu ceann le còmhlan ainmeil Innse Gall, Beinn Lee.

Performances of new Gaelic songs inspired by Scotland’s Coasts and Waters composed by James Hind, Mary Ann Kennedy, Niall O’Gallagher and Rachel Walker will form the first half of our finale event. Blas 2020’s St Andrew’s Night concert will be brought to a close by the Outer Hebridean band, Beinn Lee.

TopInfluencers
  1. Anne M
  2. I G
  3. John R
  4. Alison C
  5. Fiona M
  6. Margaret S
  7. Valerie R
  8. Keith M
  9. Steve P
  10. Isla R
  11. Duncan M
  12. Ann K
  13. Janet M
  14. Elizabeth S
  15. Nicola T
  16. Joshua S
  17. Maria H
  18. Eleanor A
  19. Abbey A
  20. Lyn R